User:Fiosrachadh77/Sandbox
This is a Wikipedia user page. This is not an encyclopedia article or the talk page for an encyclopedia article. If you find this page on any site other than Wikipedia, you are viewing a mirror site. Be aware that the page may be outdated and that the user in whose space this page is located may have no personal affiliation with any site other than Wikipedia. The original page is located at https://en.wikipedia.org/wiki/User:Fiosrachadh77/Sandbox. |
Platòn
[edit]File:XXXXX, text Bha Platòn (às Greugais Πλάτων "leathann") (428/427 RC - 348/347 RC) na fheallsanaiche Greugach, fhear-matataigs, sgrìobhadair cho-labhraidhean, agus stèidhiadair dhen acadamaidh anns An Àithne, a cheud stèidheachd de dh'ionnsachadh àird anns an t-saoghal siar. B'e Platòn, cuide ri thidsear, Sòcraitèas, agus a dh'oileanach, Arastotail, fear de na h-athraichean na feallsanachd siar.
Sgrìobh Platòn barrachd air fichead 's deich co-labhraidhean agus iad còmhraidhean feallsanachail eadar caractar air a stèidheachadh air Sòcraitèas agus caractaran eile, gu tric air a stèidhichte air daoine fìora. Creidear gur e beachdan aig Sòcraitèas-thein a nochd anns na co-labhraidhean trathail, ach cuideachd gun do thòisich Platòn a bheachdan-thein a mìneachadh anns na co-labhraichean meadhonach. S' furasda faicainn cho cudromach 's bha a chuid obraichean, oir chuidich iad le bhith a' tòiseachadh an ath-bheòthachadh nuair a dh'ath-nochd iad s'an roinn eòrpa bho dh'eader-theangachaidhean s'an Arabais, mu mìle bliadhna as deidh gam sgrìobhadh o thùs.
Beatha Platòn
[edit]XXXXXXXXXXX START HERE XXXXXXXXX
Chan eil mòran de dh’fhios ann mu dheidhinn beatha de Sòcraitèas. Bha e beò cho fada air ais s’ nach eil fiosrachadh dha-rìribh againn mu dheidhinn. Tha sgeulachdan cudromach againn o dhuine no dhà a bha beò aig an àm siud. S’e na càraidean aig Sòcraitèas (mar Platòn, agus Xenophon, eachdraiche Greugach) a bh’ann a’ chuid dhiubh, agus s’e daoine a dhèaneadh sgeig air Socrates a bh’ann a’ chuid eile (mar Aristophanes, a sgrìobh cleasan-chluich).
Cho fada as aithne dhuinn, cha do sgrìobh Sòcraitèas-fhèin leabhraichen idir. Sgrìobh an t-oileneach aige, Platòn, mu dheidhinn a bheatha, a smuaintean, agus cuideachd a bhàs. S’e am prìomh-bhun againn air Socrates a th’ann am Platòn.
Thuirt Plato gum b’e Sophroniscos an athair aig Sòcraitèas, agus gum b’e Phainarete an t-ainm a bh’air a mhathair. Bha a mhathair na banaltram neo bean-ghlùine, a chuidich do bhoireannaich ann a’ bhith a’ breith am leanabhan. Dh’fhaoidte gun d’thuirt Sòcraitèas gum b’e eisimpleir a mhathair a thug airsan chuideachadh do dhaoine ann a’ bhith a bheir smuaintean ‘s beachdan ùra.
Bha Sòcraitèas pòsda ri boireannach fada nas òige air an robh Xanthippe mar ainm. Bhathar ag ràdh gur ann tric a dh’fhàsadh i fheargach leis agus gun robh i ainneartach aig uairean. Chan eil fios nan robh am pòsadh aca sona, ach bha triùir chloinne aca co-dhiù.
Their fear de na bunaichean gun robh Sòcraitèas na chlachair. Chan eil fhios cò-dhiu gur fhìor sin gus nach fhìor. Thathar ag ràdh cuideachd gun do shabaidich e mar shaighdear airson Na Àithne ann an trì chogaidh, ‘s gun robh e gaisgeil anns a’ bhlàr.
Chuir Sòcraitèas an fhearg air móran, ‘s docha le bhith ro dh’onarach. Chanadh e na bha e a’ smaoineachadh, agus s’ann tric a chanadh e rudan air nach roch daoine airson cluinntinn. Sheall e nach robh fhios aig feadhainn de dhaoine a bha gu math cumhachdach. Chuireadh iad ‘creithleag’ air, airson a còmharrachadh gur e duine draghail a bh’ann nam beachdan-sa.
Tha sgeulachd ann gun do dh’fhaighnich càraid aig Sòcraitèas dhen ‘oracail’ (càileach naomh do na Greugaich o shean, dham b’urrainn a bhith a bruidhinn ri na diathan, a reir creideimh) an robh duine sam bith ann a bha na bu ghlice na Sòcraitèas anns An Àithne. Thuirt an t-oracail nach robh duine ann na bu ghlice. Bha an t-oracail ainmeil airson a’ bhith ag ràdh rudan nach robh cho soilleir. Thuirt Sòcraitèas an còmhnaidh nach robh fios sam bith aige air sion, agus cha do chreid e an t-oracail. Chaidh e do na daoine as glice anns An Àithne airson ceistean a chur orra. Aig a’ cheann-thall, dh’ionnsaich Socrates gun robh esan dha-rìribh na bu ghlice, chionn ‘s gun do chreid na daoine eile gun robh fhios aca, ged nach robh. Mar sin, b’e Sòcraitèas an aona duine a bha fiosrachail air a chuid aineolas-fhèin, agus mar sin, am fear a bu ghlice.
Mar bhodach, s’ann tric a bhiodh Sòcraitèas a’ bruidhinn le fìreannaich òga agus ballaich agus a’ feuchainn rim teagasg. Theagasg e do na daoine òga a’ bhith a’ cur ceistean air ùghdarrasan agus a’ bhith a’ smaoineachadh dhaibh-fhèin. Mu dheireadh, chuir na nàimhdean cumhachdach aig Sòcraitèas casaid air airson ‘coirbteachd de na h-òigridh’. Thug iad binn bàis air, le bhith ag òl puinnsean.
Smuaintean Sòcraitèas
[edit]Cha robh úidh aig Sòcraitèas ach ann a' bheuseolas. Bha Sòcraitèas ag ràdh nach e ach eolas a th’anns na subhailcean, eolas air ge dè bu choir dhuinn a dhèanamh. Bha e ag ràdh cuideachd gu bheil na daoine gu bunaiteach math, s’ nach e ach aineolas as coireach gum bi daoine a’ dèanamh olc. Chuir Sòcraitèas cuideam air fèin-theagamh agus fèin-sgrùdadh. S’ann tric a thèid na faclan “Chan fhiach a’ bheatha mì-sgrùdaichte a mhaireann” a cur às leth Sòcraitèas. en:Socrates